 |
 |
 |
| | |
fàilte --> In English
’S e cruinneachadh de dhaoine a th’ ann am fèis a tha a’ tighinn còmhla airson sgilean ann an seinn, ceòl, dannsa no dràma a leasachadh. ’S e cuid dhen luchd-ealain as ainmeil a bhios a’ teagaisg agus bidh na clasaichean proifeiseanta, èifeachdach ach spòrsail aig an aon àm.
Thàinig na fèisean bho taobh a-staigh coimhearsnachdan na h-Alba agus ghabh iad pàirt mhòr ann a bhith a’ toirt cothrom do mhìltean de dhaoine òga. Tha còrr is 40 fèisean a-nis air feadh na h-Alba le daoine bho tri no fiu ’s ceithir ginealaichean a’ gabhail pàirt.
’S e an treas baile Albannach as motha a th’ ann an Lunnainn a thaobh àireamh de dhaoine ach cha robh fèis aige gu ruige 2007. A-nis, tha cothrom anns a’ phrìomh-bhaile eòlas a chur air aon dhen na traidiseanan as beothail an Rìoghachd Aonaichte.
Bidh sibh ag ionnsachadh le bhith a’ gabhail pàirt aig Fèis Lunnainn. Cha leig thu leas a bhith math air an fhidheall no air a’ bhocas, no a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig.
Tòisichidh Fèis Lunnainn am bliadhna seo 11 Sultain anns an àite àbhaisteach – Froebel College, Roehampton, taobh an iar Lunnainn. Bidh seisean ann am bar na colaiste oidhche haoine, cèilidh mhòr oidhche shathairne, agus thig sinn còmhla airson barrachd cùil ’s spòrs aig deireadh an fhèis latha na sàbaid (faic air a’ phrògram airson barrachd fiosrachaidh). | | | |
| | |
|